A’ dol thairis air an reifreann Albannach

na_geillAir eadar-theangachadh bhon alt thùsail le Mike Sabot, AFed Dhùn Èideann, ga riochdachadh fhèin a-mhàin.  Faodar ar n-amasan is prionnsapalan a leughadh ann an Gàidhlig an seo.

Chan eil ach glè bheag de thìde ri dhol a-nis gu reifreann mòr na neo-eisimeileachd 18mh Sultain.

Ma bhòtas tu no mura bhòt, tha e an urra riut fhèin.  Bidh cuid de dh’anargaich a’ seachnadh a’ ghnothaich uile gu lèir agus a’ cuimseachadh air eagrachadh far a bheil iad agus ge bith dè thachras, bidh cuid eile a’ cur crois sa bhaileat airson Bu Chòir, feuch gum buannaich sinn co-dhiù corra leasachadh.

Ach ma thaghas tu Bu Chòir, dèan cinnteach nach e ach roghainn phragmatach a tha ann – na gabh ri ideòlas iomairt Bu Chòir, no rudeigin a tha coltach ris, nàiseantachd-chlì.

Tha fios gu bheil sinn a’ bruidhinn mu iomairt nàiseantach Albannach – ge bith dè a chanas cuid de dhaoine air an làimh-chlì* – agus aig an dearbh àm tha muinntir Cha Bu Chòir a’ riochdachadh nàiseantachd Bhreatannach.  Feumaidh iadsan a dh’aithnicheas cho cudromach ’s a tha strì nan clasaichean cur an aghaidh a dhà dhiubh.

Ann an riochd sam bith, tha nàiseantachd a’ dèanamh dà rud: bidh e a’ feuchainn ri coimhearsnachd a chruthachadh eadar bosaichean agus an clas-obrach; agus bidh e a’ ceangal na coimhearsnachd-sa ri stàit-nàisein chalpach, a’ daingneachadh a cumhachd agus a h-àite ann am mar a tha calpachas a’ gabhail brath oirnn.

Chan urrainn seo a bhith dhà-rìribh ‘adhartach’.

Mar a dh’innis an comannach Paul Mattick, tha ceud bliadhna de dh’eòlas againn air strìthean gus nàiseanean a shaoradh far an do chrìochnaich gluasadan ma b’ fhìor adhartach an aghaidh impirealas le a bhith a’ cruthachadh clas-riaghlaidh ainneartach ùr.

A-nis, ’s dòcha gum faic sinn caibideil eile san sgeulachd agus gluasadan neo-eisimeileachd air feadh na Roinn Eòrpa a’ freagairt ath-eagrachadh nua-libearalach agus na staing-chalpach a thachair o chionn ghoirid.  A bheil sinn an dùil ri toraidhean eadar-dhealaichte?

Chan e adhbhar gàirdeachais a tha ann an sgaraidhean is farpais am measg a’ chlas-obrach Eòrpaich.  Agus nuair a thig e gu eisimpleir leithid Chatalunya ’s ann a tha e gu follaiseach air a stiùireadh le luchd-an-airgid, agus airson ’s gum bi roinn nas beartaiche a’ cumail a cuid maoin bho roinnean nas bochda anns a’ chòrr den Spàinn.

mattickGàidhlig

Ach nach eil stàitean beaga nas fheàrr agus nas deamocrataiche?

Ma bheir sinn sùil gheur air na stàitean beaga Eòrpach a tha ann an-dràsta chìthear:

  • nach eil e ann an dà-rìribh nas fhasa do luchd-obrach eagrachadh annta;
  • gu bheil iad smachdail cuideachd (mar phàirt de dhreuchd stàit sam bith) agus gun urrainn dhaibh a bhith a cheart cho borb (’s e eisimpleir àraid a tha anns an dàimh eadar an eaglais Chaitligeach agus stàit na h-Èireann);
  • gu bheil iad air a bhith gu math deònach nua-libearalachd agus mòr-ghearraidhean a chur an gnìomh (agus tha fìor dhroch bhuaidh aig seo air daoine ann an stàitean beaga bhon t-Suomi gu na Tìrean Ìsle, gun luaidh air an Roinn Eòrpa a deas);
  • gu bheil treand an aghaidh in-imrich a’ fàs air feadh na Roinn Eòrpa a tuath co-cheangailte ri ceannas siostamach dhaoine-geala (systemic white supremacy);
  • gu bheil cuid de na stàitean beaga seo air saighdearan a chur a-null thairis (m.e. an Danmhairg ann an Afghanastàn) no tha iad a’ cur taic ri feadhainn a bhitheas (Èirinn a-rithist, is iad a’ tabhann port-adhair na Sionainne do Fheachd-adhair Aimearaga);
  • agus gu bheil iad an-còmhnaidh fo bhuaidh mhòr structaran tar-nàiseanta an t-saoghail agus calpa fhèin.

 ‘Nuair a bhios daoine air an dochann le maide cha bhi iad idir nas toilichte mas e “Maide nan Daoine” a chanar rithe.’ – Mikhail Bakunin

 Tha e air argamaid le iomairt Bu Chòir agus cuid air an làimh-chlì gun urrainn Alba fhèin a bhith na ‘dheamocrasaidh àbhaisteach’.  ’S cinnteach nach do mhothaich iad gu bheil deamocrasaidh-riochdachail ann am fìor èiginn agus air a chàineadh gu dubh le gluasadan-sòisealta air feadh an t-saoghail a tha a’ sabaid airson fìor dheamocrasaidh compàirteach.

Mura h-eil coltas ann an-dràsta nach biodh riaghaltas na h-Alba a’ toirt a-steach nithean gràineil leithid Cìs an t-Seòmair-chadail no a’ gabhail seasamh an aghaidh in-imrich, chan e suidheachadh seasamhach a tha seo.  Bidh cumhachdan mòra poileataigeach is eaconamach a’ bualadh air poileasaidh an riaghaltais às dèidh neo-eisimileachd.  Bidh e aige ri gearraidhean a dhèanamh uair no uaireigin agus feumaidh e a chrìochan a chleachdadh airson ‘math an eaconamaidh’.

Tha stàitean beaga gu math comasach am poball a mhealladh agus a bhith a’ dol an aghaidh beachd na mòr-chuid nuair a dh’fheumas iad  (m.e. chaidh ‘a’ bhun-reachd chompàirteach’ ann an Innis-Tìle a chur gu sàmhach seolta an dàrna taobh leis an riaghaltas).  Bidh an ‘dìth deamocratach’ dhà-rìribh a’ leantainn às dèidh neo-eisimeileachd.

Dè mu dheidhinn na Làimh-chlì ann an Alba?

’S e coimeasgadh a tha ann de nàiseantachd-chlì agus deamocrasaidh-sòisealta cianalach.  Tha e ag argamaid an aghaidh nua-libearalas seach calpachas fhèin.  ’S e deagh dhòigh a tha seo buill-phàrlamaid fhaighinn anns an ath thaghadh ach chan eil e a’ buntainn ri atharrachadh-sòisealta bunaiteach idir.

’S ann a tha Common Weal agus an iomairt na Neo-eisimeileachd Radaigich airson calpachas a ruith nas fheàrr.

Tha Common Weal air a bhith ’s dòcha nas buadhaich na càch air an Làimh-chlì.  ’S e buidheann a tha annta a tha gu follaiseach a’ putadh co-obrachadh eadar clasaichean – agus seo air a shealltainn gu furasta nan sluagh-ghairm  ‘All of us first’.  Tha iad ag iarraidh eaconamaidh mòr-fàs, ach ’s e tha seo a’ ciallachadh ann an dà-rìribh nas urrainnear faighinn a-mach às an luchd-obrach a mheudachadh, agus a bhith a’ buannachadh an aghaidh luchd-obrach eile anns an fharpais eadar-nàiseanta.

Tha ‘comhairlean-obrach’air am moladh leotha gus dèanamh cinnteach nach eil cus còmhstri san àite-obrach – rudeigin a tha gu math cudromach ann an a bhith a’ toirt fàs air tarbhachd – i. prothaid.  Far an deach an cleachdadh anns an Roinn Eòrpa bha iad an-còmhnaidh a’ lagachadh aonaidhean agus mìleantachd an luchd-obrach.

San leabhar, Yes: the radical case for Scottish independence, gheibhear an cunntas as mionaidiche le buill iomairt na Neo-eisimeileachd Radaigich.  Tha e a’ gairm airson ro-innleachd na h-aghaidh-aonaichte (united front) chun na h-ìre agus nach eil sòisealachd – fiù ’s ‘sòisealachd’ choirbte na stàite – air a’ chlàr-ghnothaich, ach na h-aisling airson fada san àm ri teachd.

Bu chòir dhuinn, tha e ag innse, pàrtaidh leathann dhen làimh-chlì (seach pàrtaidh ‘an aghaidh calpachas’) a chur air dòigh ann an Alba coltach ri Syriza no Die Linke, agus tha iad a’ tabhann an aon ‘Keynesian wish list’ stèidhichte air an dearbh mheasadh lapach air calpachas agus an stàit a chaidh a sgrùdadh gu geur le Michael Heinrich.

Coltach ri Common Weal, tha briathrachas radaigeach – deamocrasaidh compàirteach, dì-mheadhanachadh – a’ breacadh a sheasaimh airson mion-atharrachadh slaodach.  Nuair a thig e gu h-aon ’s gu dhà chan eil e dhà-rìribh eadar-dhealaichte ris, ach lorgar beagan de chàineadh air corra phuing leithid mar a tha Common Weal gu mòr a’ cur taic ris a’ mhodail Lochlannach.

An eisimpleir Lochlannach

’S iad na dùthchannan Lochlannan na stàitean beaga as trice a bhios daoine ag ainmeachadh, agus tha Common Weal gu sònraichte airson ’s gum bi Alba nas coltaiche riutha.  Mar thoradh air grunn rudan – gluasad làbarach làidir, goireasan nàdarra 7c – bha iad na bu chomasaiche an solarachadh shochairean a ghlèidheadh na bha Breatann.  Bho shealladh eadar-nàiseanta, b’ ann a bha na dùthchannan seo mar flaitheachdan-làbarach (labour aristocracies) a’ tighinn beò air saothair an luchd-obrach thall thairis.

Ach às dèidh sin, tha na stàitean Lochlannach cuideachd a’ fulang bho ionnsaigh nua-libearalach agus tha neo-ionnanachd a’ fàs an sin cuideachd.  Mhìnich Asbjørn Wahl mar tha an stàit shochairean ann an Nirribhidh, a tha cho beairteach le ola, ga lachachadh bhon taobh a-staigh agus gu bheil ideòlas taigh-nam-bochd (workfare) ga shìor neartachadh.

Tha Wahl a’ cumail a-mach nach eil e gu feum dhuinn a bhith daonnan a’ comharrachadh cho soirbheachail ’s a tha na dùthchannan Lochlannach ann am measaidhean eadar-nàiseanta.

’S e an trioblaid gu bheil a h-uile dùthaich anns na measaidhean seo gan lagachadh.  Air neo, gus a chur an cèill ann an dòigh eile, tha cèaban fhathast againn air an deic uachdrach, ach ’s e deic uachdrach an Titantic a tha ann, agus tha an long air fad a’ dol fodha. (2011: 11).

Thèid againn air na h-uiread ionnsachadh bhon eisimpleir Lochlannach ge-tà, le a bhith a’ coimhead air a’ chontrarrachd agus strì nan clasaichean taobh a-staigh nan dùthchannan seo – a tha a’ breugnachadh na tha aig deamocrataich-shòisealta ri ràdh a-bhos an seo.

Am measg na Làimh-chlì Lochlannaich tha deasbad a’ tachairt air ciamar a bu chòir dhaibh sabaid an aghaidh an dùbhlain do sholarachadh shochairean.  A bharrachd air Wahl, tha obair Daniel Ankarloo, sgoilear air sochairean san t-Suain, uabhasach inntinneach.

Dh’innis e gun robh an gluasad làbarach an sin ‘air a dhì-neartachadh le […] co-obrachadh nan clasaichean’ (2009) agus ri linn ’s gun robh cus dhaoine a’ creidsinn ann an ‘rathad poileasaidh-shòisealta gu sòisealachd’ (2008: 78-84) – i. gum b’ e eisimpleir de shòisealachd a bha ann an stàit nan sochairean agus chan fheumamaid ach sin a’ leudachadh.

An àite seo, airson na bhuannaich sinn a dhìon agus gus strì airson co-chomann eadar-dhealaichte, feumaidh sinn mìleantachd mar chlas a lorg a-rithist agus ‘gum feum an radaigeachd seo […] tighinn bhon bhonn ann an riochd fèin-eagrachadh a’ ghluasaid làbariach’ (2009).

Tha strìthean airson shochairean, seach a bhith a’ cur taic ri stàiteachas shochairean fhèin, na phàirt dheatamach dhe seo – a’ neartachadh a’ chlas-obrach agus a chomais airson sabaid (ibid.).

Mar bu chòir, tha Ankarloo ag argamaid gum feum an gluasad eagrachadh air feadh a’ cho-chomainn agus am measg gnàth-bhuill nan aonaidhean.  ’S urrainn dhuinn cuideachd a bhith air ar misneachadh leis an aonadh rèabhlaideach SAC san t-Suain agus leis an Làimh-chlì Lochlannach nas fharsainge a tha taobh a-muigh agus an aghaidh na pàrlamaid – tha iad fada nas eagraichte na gluasad coltach sam bith ann an Alba no san RA.

Ag ath-nuadhachadh ar strì

Chan eil e deimhinne gum faigh sin gin dhe na leasachaidhean a tha air an gealltainn le iomairt Bu Chòir.

Cha bu chòir dhuinn earbsa a chur ann an stàit Albannach neo-eisimeileach a bhith a’ roinn mòran beairteis, a bhith dhà-rìribh a’ glèidheadh solarachadh an NHS, gun a bhith a’ toirt ionnsaigh air daoine gun chosnadh no daoine ciorramach, gun a bhith a’ dèanamh ghearraidhean, gun a bhith a’ cur dhaoine a-mach às an dùthaich le fòirneart, no a bhith a’ toirt air falbh nan cuingealachaidhean air aonaidhean-ciùird.

Tha cuid an dòchas gum bi daoine cumanta a’ ghluasaid airson neo-eisimeileachd a’ cruthachadh gluasad sòisealta dùbhlannach às dèidh sgaradh nan dùthchannan.  Nach e seo a tha gorm!  Bhiodh aige ri a bhith a’ diùltadh a  bhun-stèidh ideòlach, a nàdar fhèin mar cho-chòrdadh eadar clasaichean eagraichte leis an dearbh fheadhainn a tha a’ sireadh cumhachd phoileataigeach.

Tha a’ mhiann sa ghluasad seo airson atharrachadh sòisealta, ‘smachd dheamocratach’, agus ath-riarachadh beairteis rim moladh ach feumaidh sinne an leithid a phutadh taobh rèabhlaideach.

Mura h-eil am pròiseact nàiseantach air a bhriseadh a dh’aithghearr air creagan a chontrarrachd fhèin, bidh againne ri a chuideachadh dol na bhloighean.

Ge bith dè toradh an reifrinn, tha na buaidhean maireannach air a bheil sinn cho feumach an eisimeil air na ghabhas dèanamh leinn ag eagrachadh agus a’ strì mar chlas ‘air a shon fhèin’.

Aig cnag na cùise tha fìor eadar-nàiseantachd phractaigeach.

Chan eil dòchas ann a bhith a’ feuchainn ri flaitheachd-làbarachd ùr a chruthachadh no ann an dlùthachd eadar-nàiseanta nan nàiseantach-clì, ach ann a bhith ag aonachadh luchd-obrach a’ sabaid bhon bhonn an aghaidh stàit, calpachas, patrargachd, agus ceannas nan daoine-geala air feadh an t-saoghail gu lèir.

Nòtaichean

*Abair troimh-chèile, no doillearachadh a dh’aona-ghnothach, a tha air a bhith ann a thaobh ciall ‘nàiseantachd’.  Chùm co-neach-gairm a’ Phàrtaidh Uaine, Patrick Harvie, a-mach mar eisimpleir nach b’e  nàiseantach a bha ann dheth,  tha cuid eile air feuchainn ri sgaradh a dhèanamh eadar nàiseantachd ‘mhath’ (a tha beag, catharra no airson stàit ùr) agus ‘dhona’ (impireileis, chinnidheach, no airson stàit mhòr stèidhichte),  tha feadhainn air taic shoirbh staoin a chur an cèill airson ‘eadar-nàiseantachd’ – facal nach bite ag aithneachadh gu ro thric.  Cha b’ fhuilear dhuinn breithneachadh a dhèanamh air na bhios daoine a’ dèanamh seach na bhios iad ag ràdh.  Mar sin, a bheil iad a’ brosnachadh coimhearsnachd mhac-meanmach eadar clasaichean agus atharrachadh sòisealta tron stàit no nach eil?

Daniel Ankarloo (2008), ‘The dualities of the Swedish welfare model’, pp 78-84

(2009), ‘A new phase of neoliberalism: collapse and consequences for Sweden’

Asbjørn Wahl (2011), The rise and fall of the welfare state

Advertisements

A directly democratic critique of Žižek

This was originally a comment I made on bella caledonia which I thought was worth reposting.

For me it’s really interesting that celebrity leftists like Žižek, David Harvey and others feel they have to address and argue against direct democracy (and sometimes autonomous or libertarian socialism more broadly). It shows that these ideas are really in the ascendant, being discussed and put into action at least to some extent in assemblies around the world, most recently Turkey, but I’d imagine we’ll see the same in Brazil.

Of course, I disagree with Zizek. He’s a philosopher who has called for a ‘Thatcher of the left’, fashionably denounces social democracy and in the same breath more-or-less urges us to return to it. His call to have Syriza leader, Alexis Tsipras, given power repeatedly Stalin-style, with Tsipras chuckling opposite him is galling but also quite troubling. Why? Because what’s being ridiculed and shut down as worthy of any further comment is that ‘ordinary’ people, working class folk, can genuinely participate in and decide on the most important decisions of their lives, their work and wider society.

I think this idea is worth fighting for, and it’s one that’s unavoidably revolutionary and anti-capitalist. It argues that we shouldn’t accept the control of capital or profit, that decisions about a community should made by that community, and control of work in the hands of workers themselves. Direct democracy means breaking down the division between the economic and political, and challenging state power which is never neutral but defends capital and is dominating in itself. It goes back to the great aim of the labour movement: workers’ control of industry and society.

But this is a million miles away from greater ‘accountability’ or proportionality in representative democracy and questions the meaning of self-determination.

There are of course examples of movements in which direct democracy was central that have existed for ‘more than two months’ as Zizek put it. Even the example he mentions, the Zapatistas, has existed for many years now effectively outside of Mexican state power. In fact, since he’s been to South America and ‘knows what he’s talking about’, he should realise that there have been and are several mass movements like the Piqueteros of Argentina, the Landless Workers’ Movement of Brazil, the wave of self-management in factories have lasted for long periods of time and have had a deep influence on many people’s lives. I would also argue against what he said about Bolivia. But this is just South America.

Can we develop a society where direct democracy is universalised with large-scale structures, I think so but no-one can say for certain. The point is the process and the movement to get there. Is it worth it? Absolutely. How far can we go? Let’s see.