Gàidhlig

Seo a-nis. Bha eadar-theangachadh againn air seo roimhe, ach bha sinn a’ faireachdainn gun robh an t-àm ann tionndadh gu tur ùr a sgrìobhadh a tha nas fhaisge air cainnt Ghàidhlig làitheil.  ‘S e obair dhùbhlannach agus inntinneach a bha innte.  Tha briathrachas ann nach lorgar ann am faclair sam bith, agus ‘s cinnteach gum b’ urrainn dhut ar cuideachadh gus dòighean nas fheàrr fhaighinn air stuth a chur an cèill (dìreach cuir post-d thugainn!). Chuireadh e iongnadh air cuid, ach tha feadhainn againn le Gàidhlig (agus cànanan Ceilteach eile anns a’ Chaidreachas Anargach).  Gu tric, tha sinn mothachail air dealachadh eadar obair phoileataigeach radaigeach agus saoghal beag snog na Gàidhlig.  Ach, dhuinne tha ath-bheothachadh cànanach cruaidh-cheangailte ri a bhith ag eagrachadh airson saoghal eadar-dhealaichte, saoghal far a bheil daoine nas cudromaiche na nithean is airgead, far a bheil beartas is cumhachd ga roinn eadarainn agus far am bi cànanan is cultaran a bha uair gus a bhith air am mùchadh a’ cinntinn as ùr.  Agus carson nach cuir sinn ar cuid Gàidhlig gu feum air rudan cho cudromach ri ar-a-mach?  Chan eil ann an seo ach toiseach, a chàirdean!

Amasan agus Prionnsapalan

1.  Tha an Caidreachas Anargach na eagrachadh de dh’anargaich a tha ag aithneachadh strì nan clasaichean nar comann-sòisealta agus an dearg fheum  a tha againn air cruth-atharrachadh radaigeach no rèabhlaid. Tha sinn airson cur às do rangachd uile gu lèir, agus a bhith ag obair gus saoghal a chruthachadh gun chlasaichean idir.

2.  Tha calpachas stèidhichte air a’ chlas-riaghlaidh a’ gabhail brath air a’ chlas-obrach.  Ach tha neo-ionannachd agus cleachdadh airson prothaid cuideachd rim faicinn ann an gnothaichean co-cheangailte ri cinneadh, gnè, gnèitheachd, slàinte, comas agus aois, agus anns na dòighean seo bidh cuid den chlas-obrach a’ gabhail brath air cuid eile.  ’S ann a bhios buidhnean fo anacothrom air an neartachadh le a bhith ag eagrachadh dhaibh fhèin agus air seòl a bheir dùbhlan do dhàimh-chumhachd shòisealta is eaconamach.  Cha tèid againn air ar n-amasan a choileanadh gus an sguir sinn a chumail cumhachd thairis air càch a’ chèile aig ìre phearsanta cho math ri poileataigeach.

3.  Tha sinn a’ làn chreidsinn gu bheil e deatamach do strì nan clasaichean a bhith a’ sabaid an aghaidh shiostaman-ainneirt, leithid gràin-chinnidh agus gnè-thaobhachd, a bhios a’ sgaradh a’ chlas-obrach.  Cha ghabh Comannachd-Anargach cruthachadh fad ’s a tha na seòrsaichean seo de neo-ionannachd is anaceartas air mhaireann.  Airson a bhith èifeachdach anns na strìthean eadar-dhealaichte an aghaidh ainneart, an dà chuid sa chomann-shòisealta agus am measg a’ chlas-obrach, uaireannan bidh againn ri eagrachadh gu neo-eisimileach mar dhaoine a tha fo anacothrom air sgàth gnè, gnèitheachd no comas.  Ach b’ fheàrr leinn gun dèan sinn sin mar mhuinntir a’ chlas-obrach agus chan ann tro iomairtean eadar clasichean a bhios a’ cleith dhiofaran susbainteach ann an cumhachd is inbhe, agus nach dèan sìon dhuinn.  Cha tig fìor shaoradh ach tro a bhith a’ cur às do chalpachas.

4.  Chan eil sinn idir a’ cur taic ri ideòlas ghluasadan a tha ag iarraidh saoradh nàiseanta, is iad a’ cur an ìre gu bheil ùidh choitcheann aig bosaichean agus an clas-obrach an aon àite mu choinneimh ceannsachadh bho muigh.  Tha sinn gun teagamh a’ cur tacsa ri strìthean a’ chlas-obrach an aghaidh gràin-chinnidh, murt sluaigh is chinnidhean agus sgrios chultaran a bharrachd air colonachd phoileataigeach is eaconomach.  Ach tha sinn a’ toirt ceann do dh’oidhirp sam bith clas-riaghlaidh ùr a stèidheachadh. ’S ann a tha sinn a’ diùltadh riochd sam bith de nàiseantachd, leis nach eil seo ach a’ gluasad nan sgaraidhean anns a’ chlas-obrach eadar-nàiseanta.  Chan eil dùthaich aig a’ chlas-obrach agus feumaidh sinn cur às don a h-uile crìoch nàiseanta.

5.  Aig an aon àm ’s a bhios e a’ gabhail brath air agus a’ cìosnachadh a’ mhòr-chuid de dhaoine, tha calpachas cuideachd a’ bagairt sgrios do-chreidsinn air feadh an t-saoghail tro chogadh agus milleadh na h-àrainneachd.

6.  Chan eil e air chomas dhuinn calpachas a chrìochnachadh às aonais rèabhlaid, agus thig seo mar phàirt de dh’aimhreit eadar na clasaichean.  Feumaidh an clas-riaghlaidh a bhith air a thilgeil sìos uile gu lèir airson commanachd-anargach a choileanadh.  Leis nach bi an clas-riaghlaidh deònach cumhachd a leigeil seachad gun iad a’ cleachdadh làmhachas-làidir, bidh an rèabhlaid-sa na àm de dh’fhòirneart a thuilleadh air saoradh.

7.  Chan urrainn aonaidhean, air sgàth an nàdair fhèin, a bhith nam buill-acainn airson cruth-atharrachadh rèabhlaideach a’ chomainn-shòisealta.  ’S ann a tha iad ag obrachadh mar phàirt de chalpachas, is e a’ gabhail riutha.  Mar sin, cha tèid aca air calpachas a thilgeil sìos.  Bidh aonaidhean-ciùird a’ sgaradh a’ chlas-obrach (eadar daoine fastaichte agus gun obair, eadar ceàrd agus dleastanas, obraichean le trèanaidh agus gun trèanadh, msaa).   Tha fiù ’s aonaidhean sindeacaiteach air an cuingealachadh le nàdar bunaiteach an aonaidh.  Tha aonadh sam bith feumach air smachd a chumail air a bhallrachd gus an urrainn dha rèite a dhèanamh le manaidsearachd. ’S e an t-amas a tha aca, tro cho-rèiteachadh, ìre nas cothromaich de dhubh-shaothrachadh a chosnadh don luchd-obrach.  Bidh leas no ùidhean nan ceannardan is riochdairean an-còmhnaidh eadar-dhealaichte bhuainne.  Dhà-rìribh, ’s e ar nàmhaid a tha ann an clas nam bosaichean, agus ged a bhios sinn a’ sabaid airson cor-obrach nas fheàrr bhuapa, feumaidh sinn cumail air chuimhne gun urrainn dhaibh piseach sam bith a bhuannaich sinn a thoirt air falbh uaireigin eile. ’S e cur às do thràilleachd an tuarastail a bu chòir a bhith againn mar phrìomh amas.  Chan fhaigh sinn sin tro na h-aonaidhean.  Air an làimh eile, chan eil sinn ag argamaid gum b’ fheàrr do dhaoine aonaidhean a thrèigsinn gus am bi suidheachadh rèabhlaideach ùr a’ fàgail nach eil feum sam bith annta.  Dh’fhaodadh gun toir iomairtean am measg nam ball àbhaisteach neart don chlas air fad agus don strì airson comannachd anargach.  ’S e a tha gu tur cudromach, gun eagraich sinn còmhla sinn fhìn, ag argamaid gum bi strìthean an luchd-obrach fon smachd aca fhèin.

8.  Chan urrainn saoradh brìoghmhor tachairt ach tro fhèin-eagrachadh a’ chlas-obrach aig ìre gu math farsaing.  Tha sòisealtas chomannach-anargach a’ ciallachadh chan ann a-mhàin gum bi daoine ag obair ri chèile gu co-ionannach ach gum bi iad a’ gabhail pàirt gu h-èasgaidh gus an sòisealtas sin a chruthachadh agus a ruith rè agus às dèidh na rèabhlaid.  Aig amannan de dh’aimhreit agus còmhstri, bidh aig daoine ri an eagrachaidhean rèabhlaideach fhèin a chur air bhonn a tha fo chumhachd a h-uile duine a tha an sàs annta.  Bidh na structaran fèin-riaghlach seo taobh a-muigh smachd nam pàrtaidhean poileataigeach, agus annta gheibh sinn tuigse air iomadach leasan bunaiteach air eagrachadh dhuinn fhìn.

9.  Bidh sinn mar anargaich ag eagrachadh anns gach raon beatha airson cur ri atharrachadh sòisealta bhon bhonn, sin agad: am pròiseas rèabhlaideach.  Tha sinn a’ creidsinn gu mòr gu bheil eagrachadh anargach làidir deatamach airson pàirt a ghabhail ann an seo.  Eu-coltach ri sòisealaich is comannaich, mas fhìor, eile chan eil sinn ag iarraidh cumhachd do ar n-eagrachadh.  ’S ann a tha sinne dhen bheachd nach tèid aig rèabhlaid a dhèanamh ach gu dìreach leis a’ chlas-obrach fhèin.  Ach ron sin, tha feum ann air eagrachaidhean a bhios a’ coiteachadh agus ag argamaid gu bheil roghainn eile ann, a’ sgaoileadh bheachdan agus dhòighean-obrach comannach-anargach.  Bidh sinn a’ gabhail pàirt ann an strì mar comannaich-anargach, agus bidh sinn ag eagrachadh air stèidh caidreachais no gu feadarail. Seach a bhith a’ dèanamh co-fharpais ri buidhnean eile, tha sinn ag iarraidh gluasad anargach is rèabhlaideach a tha aonaichte.

10.  Chan eil sinn a’ curt taic ri creideamh eagraichte agus cultasan, ach ’s e sgrùdadh adhbharach is reusanta a tha againn air comann-sòisealta a’ chalpachais.  Tha e air chomas dhuinne, an clas-obrach, an saoghal atharrachadh tro ar saothair fhìn. ’S ann a bhios a bhith ag adhradh raon spioradail nach urrainnear dearbhadh, no a bhith a’ creidsinn ann an aonachd creideimh eadar clasaichean, dìreach gar mealladh agus a’ lagachadh oidhirpean gus ar saoradh fhìn.  Tha sinn dubh an aghaidh beachd sam bith gum bi daoine air an cuideachadh le cumhachd os-nàdarra air choireigin.  ’S ann a tha sinn ag obair airson saoghal far nach eil daoine feumach air creideamh tuilleadh.

Ùraichte 6 Iuchair 2013.

One thought on “Gàidhlig

  1. Pingback: A’ dol thairis air an reifreann Albannach | AFed Scotland

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s