Ro-ràdh an IWW | Gaelic IWW Preamble

Às leth Luchd-obrach Gnìomhachail an t-Saoghail (IWW) dha bheil sinn gu math càirdeil seo agaibh a’ chiad tionndadh Gàidhlig air an Ro-ràdh ainmeil aca a chaidh a dhèanamh le aon de na buill againn. Crìoch don t-siostam-thuarastail! |  On behalf of the Industrial Workers of the World (IWW), a union we’re friendly with, here’s the first ever Gaelic translation of their famous Preamble (which you can read in English here) written by one of our members. Abolition of the wage system!

Faigh a-mach tuilleadh mun IWW ann an Alba an seo. | Click here to find out about the IWW in Scotland.

An Ro-ràdh do Bhun-reachd an IWW

Chan eil nì ann an cumantas eadar an clas-obrach agus an clas-fastaidh. Chan urrainn sìth a bhith ann cho fad ’s a tha acras agus dìth rin lorg air na milleanan de luchd-obrach agus ’s ann aig a’ chlas-fhastaidh a tha gach rud math ann am beatha.

Cha bhi ach strì eadar an dà chlas seo gus an eagraich luchd-obrach an t-saoghail ri chèile mar chlas, a’ gabhail thairis air na dòighean-dèanaimh, a’ cur às don t-siostam-thurastail, agus a bhith beò ann an co-chòrdachd leis an Talamh.

Aithnichidh sinn gu bheil stiùireadh nan gnìomhachasan aig àireamh de dhaoine a tha a’ sìor fhàs nas lugha agus nach tèid aig aonaidhean-ciùird air dèiligeadh ri cumhachd a’ chlas-fhastaidh is e a’ sìor fhàs nas motha.  Tha na h-aonaidhean-ciùird a’ cruthachadh suidheachadh far am bi pàirt den luchd-obrach a’ sabaid an aghaidh pàirt eile den luchd-obrach anns an aon ghnìomhachas, a’ dèanamh cinnteach gun caill a dhà dhiubh ann an cogaidhean tuarastail.  Gu dearbh, tha na h-aonaidhean-ciùird a’ cuideachadh a’ chlas-fhastaidh gus an luchd-obrach a mhealladh gu bheil ùidhean aig a’ chlas-obrach ann an cumantas len luchd-fhastaidh.

Chan urrainnear an càradh seo atharrachadh agus math an luchd-obrach a sheasamh ach le eagrachadh a tha air a dhèanamh air dòigh ’s gu bheil a h-uile ball a tha aige ann an gnìomhachas àraid, no anns a h-uile gnìomhachas ma tha e deatamach, a’ sgur a dh’obair uair sam bith a thachras stailc no às-ghlasadh ann an roinn sam bith den ghnìomhachas, a’ ciallachadh gur e leòn aoin leòn na h-uile.

An àite na h-abairt shàbhailte, “Pàigheadh latha cothromach airson obair latha chothromach” ’s e a dh’fheumas sinn sgrìobhadh air ar bratach ach an sluagh-ghairm rèabhlaideach  “Crìoch don t-siostam-thuarastail”.  ’S e dleastanas eachdraidheil a’ chlas-obrach a bhith a’ cur às do chalpachas.  Feumaidh airm an dèanaimh a bhith eagraichte, chan ann a-mhàin airson na strì làitheil ri calpairean, ach cuideachd gus dèanamh a chumail a’ dol às dèidh do chalpachas a bhith air a thilgeil sìos.  Le a bhith ag eagrachadh gu gnìomhachail tha sinn a’ cruthachadh structar a’ chomainn-shòisealta ùir ann an slige an t-seann chomainn-shòisealta.

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s